Seòrs' ùr de sheann drongaire anns a' ghàrradh

Tha an seanfhacal ag ràdh "cho slaodach ri seilcheig". Ged nach gluais i ach gu mall, is dòcha gum faod i barrachd cron a dheanamh na beathach mòr làidir.

Bidh fios aig neach sam bith aig a bheil grradh cil am miastadh a dh'fhaodas seilcheagan a dheanamh air glasraich. Fgaidh iad duilleagan cil 'nan tollan agus seacaidh colagan, currain agus tuineap nuair a dh'itheas iad an cuid fhreumhaichean. Thid iad fon talamh agus cladhaichidh iad am broinn buntta.

Is toigh leis an t-seilcheig aimsir a tha bog, tais. Gu tric nochdaidh i trth sa mhadainn no anmoch air an oidhche. Ma shlaodas i i fhin thairis air cruadhlach anns a' ghrradh, fgaidh i clbar sleamhainn, steigeach, grnda as a didh.

Hide Ad
Hide Ad

Bidh girnealairean a' feuchainn diofar dhighean air a ceannsachadh. Tha br bhog lag oirre agus seach gur ann ga slaodadh fhin air a broinn a bhitheas i, cha toigh leatha idir rud sam bith a reubas an craiceann aice.Mar sin, ma chuirear brat de ghucagan uighean, de shligean air am pronnadh no de ghainmheach gharbh timcheall air na planntraisean, cumaidh na seilcheagan aca fhin.

Rud iongantach, is toigh leotha fileadh leann. Ma chuirear tuba beag ln de leann dreach fo uachdar na talmhainn, bidh iad air an tladh thuige, thid iad fodha agus bthar iad. Is cinnteach gum bi for dhaorach orra!

Is i an t-seilcheag dhubh air a bheil sinn elach ann an Alba, ach mar a tha air tachairt do mhran de bheathaichean, tha sersaichean coimheach an impis a cur fodha. Tha an t-seilcheag uaine, a nochd an toiseach san Spainnt 's a chaidh a lorg ann an Sasainn sna seachdadan, a' sor fhaighinn lmh an uachdair ann an Alba. Bridichidh i cus nas luaithe na an t-seilcheag dhubh agus chan eil e furasta cur s dhi.

Chunnaic sinn mar thachair don fheraig dheirg 's an t ghlas ga putadh gu tuath. Mar an ceudna tha fidh choimheach Ameireaga 's Sona a' measgachadh ris na fidh dhearga air a bheil sinn cho elach ann an Alba. Thuirt an Dr Les Noble, elaiche bho Oilthigh Obar Dheathain, "Tha mi a' faicinn gu bheil an t-seilcheag uaine a' sgapadh gu grad ann an ear-thuath na dthcha. Chan eil fios againn fhathast gu d am miastadh a dh'fhaodas i a dhanamh."

Related topics: